Alastair maclauruinn. Dun-eud ainn




Yüklə 476.91 Kb.
səhifə1/5
tarix28.02.2016
ölçüsü476.91 Kb.
  1   2   3   4   5


RIAGHAILT-SDIURAIDH
NA
BEATHA CRIOSDAIDH.

EADAR-THEANGAICHTE o'N BHEURLA CHUM GAELIC ALBANNAICH. LE

ALASTAIR MACLAURUINN.
DUN-EUD AINN: clodh-bhuaiìte le t. stiubhart.

1816.

'i-iaiAnijiag-T.t

CLAR-INNSIDH.

raoin o\ahta3h




, .'V''. _ aTH.OI.'-.OXASHT-JU.aA.I,
OU.XY.A&X/-. H.-JBS lj.II*;.', Hff'Vo

Meadhoin nan gràs,
€. 1. Urnuigh 4*

  1. 2. Leughadh nan Scriptuir... 55

  2. 3. Suipeir an Tighearna 66

9. Toradh agus Comharan an

Spioraid 79

10. Buaireadh agus Geur-leanmh-

uinn ••• 97

11. Bàs agus Breitheanas ,.,,,..107


ft : *- «ff*«~ *

ta ..CiioSnhsS oàà d&wlsn: .1

00 '. ntncjibiT ne "i^liì.ìì .i: •5-
at
'TO I «r.tir.uiL«i-J-:a ugp>U

RI AGH AILT* SDIUR AIDH NA BEATHA CHRIOSDUIDH.




CAIB. I. duine.

1. A mhic na Siorruitheachd! ta thu gu mòr ni 's luachmhoire na na cnuimhean a ta fo d' chosaibh: cum suas d' uachdaranachd àrda j bi glic, agus gabh iongantas.

1. Tog suas do shùilean gu h-àrd, agus beachdaich air na neamhaibh ud shuas, àiteachadh-còmhnuidh àrda an Ti shiorruith; amhairc air

a* ghrian dhealraich sin, ag im-A

eachd ann an lonnrachd tre na speuraibh; agus meas thu fèin mar shrad d' a solus, bòisge glòire nach fheudar a chur as, leanabh na neobhàsmhorachd.

  1. Lionadh aoibhneas do chridhe, biodh uaill mhothaichte agus chiatf-ach ag dealrachadh ann ad shùil: bi greadhnach ann ad àrd bhreith: bi dèidheil air beannachdaibh riogh-^ achd d' Athar: bi 'g osnaich airson siorruitheachd!

  2. A mhic na bàsmhorachd agus a' bhàis! a mhic a' pheacaidh, agus na truaillidheachd ! bi air d' irioslachadh : thoir fainear agus mothaich do thruaillidh eachd; mar sin folaichidh nàire agus amhluadh d'aghaidh, agus cuiridh iad thu 'n ad luidhe sios anns an luaithre o 'n d' thugadh tu, agus chum gu an ath-phill thu gu cinnteach.

5. Air èiridh dhuit gu h-àrd air
sgiathaibh iolaire, ma's urrainn thu
le sùil shoilleir beachd-smuaineach-


aidh, amharc gu suidhichte air

dealradh d' àrd bhreith ;

6. Ni 's ìsle na an doimhne
iochdrach is ègin duit luidhe sios
an uair a thionndaidheas tu do
shùilean a steach, agus a dh'amh-
airceas tu air na h-iomadh olc a ta
dorchachadh na soilleireachd sin,
agus ag doilleireachadh an Diadh-
achd annad.


7. Air do bhreith chum còmh-
nuehadh ann an solus, ta thu
ann an dorchadas gu tur; air bhi


A 2

DUINE.

5

4

DUINE.

dhuit chruthaichte chum rioghach­adh ann am beatha, ta bàs buadh-hach ag cumail uachdaranachd iom­lan tharad.

  1. Ta do chridhe olc: ta d' uile min air aomadh gu h-aingidhe-achd: ta do thogradh sgeadaichte tinn an coslas mealltach 'gad tbà-luidheadh gu peacadh; feuch ta do thoil ag comh-aontachadh, agus chiontaich thu.

  2. Criothnaich O Thalamh! a Neamhan biobh còmhdaichte le tiugh-dhorchadas! agus O a Reul­tan, cumaibh air ais bhur solu*! thuit neach a rinneadh leDia,oighre neo-bhàsmhorachd, anam a fhuair anail o'n Diadhachd shiorruith ;

reic e agus chaill e a choir-bhreith; agus co a ni fuasgladh air ?

  1. O nam fèudadh mo bheatha-sa a bhi na h-èiric airson dobheatha-sa, gu 'a deanadh bàs duine do ghleidheadh o leir-sgrios 1

  2. Ach ciod is urrainn duine dheanamh ? cha n-'eil an t-iomlan deth foghainteach air a shon fèin j cionnas a chuireas e ri meidh eatrom fir eile ?

12. Is leatsa gach ni a ta agam : gach ni a ta agam is ann o d' thoirbheartas saibhir a ta e, thusa a ta mòr, glòirmhor, agus 'nad thobar neo-theirigeach cumhachd, agus gliocais, agus tròcaire, agus maith­eis !

a 3r

  1. An uair a dhealraicheas roimh mo chois-chèumaibh ùmhlachd gun mhearachd ; an uair a choimh-lionas an t-òglach uil' àitheantan a thighearna, ciod an tuarasdal a ta feitheamh air ? b'e so a dleas­danas.

  2. Ma thigear goirid ann an aon ni, am feud dùrachd dhichiol-lach agus làn umhlachd an deigh-Iaimh, rèite dheanamh airson a chiontaidh a chaidh seachad, no an ciontach f hìreanachadh ?

15. Roimh peacachadh, cha robh
ann an làn-gheille, dichioll gun
sgìtheas, ùmhlachd gun mhearachd,
ach dleasdanas; an deigh peacach-
adh nach 'eil iad mar sin mar
an ceudna ?


  1. Bithibh glic, a nis, O sibhse a chlann na cèille; a mhic na neo-iomlaineachd, èisdibh agus bithibh glic.

  2. Airson aon chionta,—amh­airc agus criothnaich !—cha toir duine iobairt-rèitich:-co am measg dhaoine a ta deanamh ach aon chionta ?

  3. Dhealraich iomlanachd ann ar ceud Athair; roimh dha èis­deachd, itheadh, agus a bhi air a mhilleadh : làn mar an dealradh glòire ann an sùil shoilleir ud nan neamh, fior-ghlan mar a ta solus dhealrach na gealaich anns an oidh­che ; bha iomhaigh an Ti àrd agus naomh ag dealachadh ahnsan.

19. Trid farmaid an diabhoil thainig am bàs : bha a' bhean air a mealladh; ghabh an duine comh-roinn d' a cionta.

2(X Thuit e, rinn se e fèin buail­teach do 'n bhàs j—chaidh solus au Ti shiorruith a mach as a chridhe!

21. Thuit e, agus rinneadh e 'na thràill do 'n Bhàs, 'na oighre air Truaillidheachd: thainig peacadh agus bròn a dh' aon bheum a steach do' n t-saoghal. 22. Is sinne mic Adhaimh a thuit: nach bheil sinne fòs o eigin air tui­team? Nach bheil sinn o eigin 'nar tràillibh, anmhunn agus truaillidh?

23. Ta do chridhe fèin, a charaid, a bhrathair, 'g a fhoillseachadh: ta an fhìrinn so gu domhainn air a scriobhadhair do chridhe mealltach cealgach.

  1. Ciod e ma ta do dhòchas ? c'àit am bheil a thàmh, chum gu'n rannsuich mi a mach e ? c'àit am bheil am fear-iùil càirdeil sin a sheolas tu gu ceart gu ealadh na beatha siorruith.

  2. Rugadh tu airson siorruith-eachd ; ta d'anam gu dùrachdach an deidh air: ni bheil smuain-teachadh agad nach bheil tabhairt fianuis air an dòchas shòlasach so.

26. Oir co e am mac aig nach bheil
gràdh do thigh athar ? co an duine
aig nach bheil gràdh do'n
ait's an
d'rugadh e ?


27. Ta thu a' ciontachadh, gach la, agus gidheadh aon chionta is leòir chum d'uile dhùil ri glòire a dhorchachadh ?

  1. A dhuine thruaigh! dean gul agus caoineadh: ta am Bàs agus Ifrinn ag gabhail greim teann dhiot: a cheana ta thu air do dhìteadh: cia mar bhitheas tu air do theasairginn o na milltearaibh sin, agus o 'n dìteadh so ?

  2. Is beannaichte iadsan a ta ri bròn ! gabh comhfhurtachd, tog iolach, a mhic an t-sòlais: faic, a taimse ag feuchainn dhuit an rèult-iùil a mhaireas gu bràth ; sgaoil do shiùil, uime sin, agus sduir gu ealadh na foise.



h?>V. (cìh:,iì jiiii'o:^ '< irjf; &x .'?£

:p^»(tiuiftiì% V'b £ '!::;:; r:.- t'u.k: sn\i CA IB II.
saorsa.
1. Biobh ìslichte, a Shlèibhtean àrda ; cromaibh bhur barran àrda, a Shèudaran ceannardach; folaich-aibh bhur cinn, a Thighean nan uaibhreach; sìth a Ghaothanna; biobh ciùin, a Thonnan; biobh tosdach, a Ghaillionnan fhuaim-neach, agus Iomghaothan luais­geach !

2v Nach math a thig tosd eaga­lach dhuibh, am feadh a labhras sinn air cràdh iongantach ar Dè ?

3. Tosdach agus fuidh eagal a

bha sibh an uair a dh' f hulaing e: a nis thugar an aire, am feadh a chluinneas peacach an sgeul ait, am feadh a bhriseas guth an aoibh-neis mhòir a steach do chridhe, agus do thigh a' bhròin.

  1. Amhairc air a' Chrann-chèus-aidh sin! tog suas do shùilean, agus gabh iongantas—a mhic an Duine, amhairc agus dean aoradh.

  2. An robh maitheas a riamh cosmhuil ri maitheas do Dhè-sa? —an robh tròcair a riamh cosmh­uil ri thròcairse ?—an robh bròn a riamh cosmhuil ri bhròn-sa?— èisd agus bi 'n ad thosd; gabh gràin dhiot fèin, agus dlu-lean ri d' Fhear-saoraidh.

6. Feuch, ann an sud ta e air a
shìneadh ^ feuch dhòrtadh fhuil !—
feuch a ta e an crochadh ann sud
air a' chrann mhalluichte, eadar ta-
lamh agus nèamh!»—Mac Dhè!—
Josa sèimh, macanta, beannuichte!
—sealladh uamhasach!


  1. Ta na h-aingil naomha iad fèin ag folach an cinn, agus ag caoineadh!

  2. Ciod ma ta a ni an duine ? air­son am bheil Mac an Uile-chumh-achdaich air a thogail mar so gu h-àrd air crann a' mhaslaidh ? mar so air a shìneadh a mach! mar so ag dòrtadh fhola! mar so ag bàsach­adh ann am piantaibh thar tuigsinn, agus fad osceann smuainteachadh dhaoine.

B

  1. Is còir gu biodh a chridhe cruaidh air a bhriseadh—is còir gu biodh a chridhe brùite air a throimh-lotadh le bròn!

  2. Feuch, -cha n-'eil Crùn òir ag deanamh cinn a Shlanuighear maiseach : cha n-'eil seudan luach­mhor ag dealachadh timchioll a mhalaidhean: is crùn geur droigh-inn a chrùn-sa a mhain—'s iad a shèudan, seudan dearga fhola ro luachmhor fèin!

  3. O, an urrainn duit beachd­achadh air so agus a bhi gun mhothachadh? an urrainn duit amh­arc air a leithid de fhulangais gun truacantachd? An duine thu? nach duine peacach thu ? am bheil e an comas duit smuaineachadh j O, an urrainn duit a chuimhneachadh, gur ann air do shon-sa a chaidh an t-uile a dheanamh agus am bi thu fathasf neo-thaingeal!

  4. Faic! tre fhèithibh brùite lamhan d' Fhear-saoraidh gràdh­ach, sparr an crochadair borb na tairgnean gèur-roinneacha!

  5. Ta an fhuil ag sruthadh leis gach builleadh borb—agus am meadhon a' chràidh sin uile tha an Ti a bhualadh ag fulang gun ghear­an a dheanamh ! A leinìbh amhgh­air ! am bi a chridh' agadsa gearan a dheanamh gu bràth ?

14. Thuit beannachadh agus-slàinte o na lamhaibh ud—shil sòlas uatha mar a' chìr-mheala.—

B 2

C airson, a Dhuine, a ta thu 'n ad namhaid dhuit fèin ?

  1. C'airson a chum thu mar so air ais àm do shonais fèin ? c'air­son a ta na lamhan ud air an lot-adh agus ceangailte ? c'airson a sparradh ris a chrann mhaslach, na cosan ud a chaidh mu 'n cuairt gun sgìtheas ag deanamh maithe ?

  2. Faic mar a ta àrd Shlan-uighear a chinnidh-daonna—faic cionnas a ta gràdh Dhè agus dhuine an crochadh air na ceithir lotan mòra ud ! cudthrom a chuirp uile gu h-uamhasach air a chumail suas le cràdh geur nan lot amhghar­ach ud!




  1. Cionnas a dh'fhèudas mise, ùir agus luaithre peacach, cionnas a dh'fhèudas mi, O mo thighearna, cridhe ghabhail chum beachdach­adh air do lotaibh agus air do bhròn, gun an t-ìsleachadh is mò cuirp agus anama!—cionnas a dh'­fhèudas mi sealltuinn ort ag fulang mar so, gun mo chridhe a bhi air a bhristeadh leis an t-sealladh, agus aimhnichean dheura a bhi sruthadh o m' shùilibh!

  2. Och, gràdhaichidh mi thu, agus bheir mi urram dhuit thar gach uile nith ! seadh, bithidh m' anam ag beachd-smuaineachadh air do ghràdh an còmhnuidh.

19. Eisd, o m'anam! oir is e guth deireannach d'Fhir-shaoraidh a ta b 3

ann—cluinn!—oir a ta a' Chruithe-achd uile 'na tosd !—agus dean thusa fòs tosd urramach — Eloi, Eloi—lama sabachthani!

  1. Eloi, Eloi, lama sabachthani —ciod na briathran is urrainn an t-amhghar sin a chur an cèill—no co is urrainn do chràdh—phianadh innseadh ?

  2. Och, mo Dhia, an robh thusa air do thrèigsinn le d' Athair ?— c'airson, mo thruaighe, c'airson ?— doimhneachd amhghair nach feudar a rannsachadh!

  3. " O siblis' uile tha gabhail an rathaid, amhaircibh agus faicibh am bheil bròn sam bith cosmhuil ri mo bhròn-sa a thugadh orm, o'n uair an d' rinn an Tighearn mo smachdachadh ann an la a dhian

fheirge."

  1. Is ann imar sim a labhair am faidh o shean—Ann an so bha an làn choimh-lionadh : an so thug am Peacadh agus am Bàs buaidh, agus an so thaomadh gleachdan deireannach m' anma-sa, agus gleachdan anma gach peacach a dhìteadh!

  2. Mo Dhia, a ta e crioch­naichte : a ta e criochnaichte !— Och mo Shlanuighear, c'airson a ta an osnadh dheireannach agus dhfiùiteach sin?

25. A ita mi faicinn do chinn ag
tuiteam air d'uchd naomha—A ta
mi faicinn, agus a ta crith orm
le bhi 'g amharc air am t-sruth
dhearg iongantach ag teachd o do thaobh luachmhoir!


26. A ta mi ag cluinntinn osnadh
do Bhàis—a ta a' chruitheachd
uile 'g a chluinntinn, agus fuidh
uamhas—a ta a' Ghrian fuidh eagal
ag cur sgàile thiugh dhorchadais
air a dealrachd,—ta crith anabar-
rach air an talamh—ta na slèibh-
tean ag crithneachadh le h-ion-
gantas agus le faitcheas—ta na
creagan air an sgoltadh—ta na h-
uaighean air am fosgladh, ta na
mairbh ag èirigh, agus ta an la air
a thionndaidh gu h-oidhche, oir ta
Solus an Domhain ag dol as.


27. A pheacaich! b'e do Dhia-sa
a dh'fhulaing mar so ann ad nàtur
fèin, chum gu
'in fèudadh tusa
comhroinn a bhi agad de a nàtur-sa, agus nach faigheadh tu bàs gu siorruith.


28. A pheacaich! is e ainm-se

Josa.

29. Air do shon-sa ghabh e an
t-ainm sin, chum gu 'n tearnadh
e thusa o do pheacaibh, chum
gu 'a saoradh e thusa o chorruich
an Athar agus gu *m biodh e na
iobairt-rèitich agus na èiric air do
shon.


30. Dean aoradh agus biodh
iongantas ort; bi iriosal agus biodh
eagal ont : mar sin mothaichidh
d' anam solus o Dhia—agus las-
aidh do chridhe le sòlasaibh sior-
ruidh.


22

SAORSA.

31. A pheacaich ! is e ainm-se
o shiorruitheachd
Jehovah : air
do shon-sa dh'irioslaich se e fèin
gu 'n goirear Slanuighear dhe.


32. O dean gairdeachas a chionn
gur e
Jehovah do neart, agus
do chul-taice: seinn leis a' ghuth
is binne ciùil—" Is e
Jkhovah m'
Josa agus m' Fhear-saoraidh."


  1. Smuainich gu dùrachdach air so, agus bi macanta: amhairc air a'Chrann-chèusaidh sin, agus gabh fòghlum—ma dh'fhèudas tu fios a bhi agad air a dhoimhneachd, cia uaith a ta a leithid de ghràdh dhuit a' teachd.

  2. Faigheadh ainm Josa ait, agus comhnuicheadh e ann ad

SAORSA. 23

chridhe: an sin thèid d'eagail air falbh mar dhealt na maidne moiche an uair a dh'èireas a' ghrian; agus gheibh thu siothchaint.

.1

im it;.

24 CREIDEAMH.

rà;., ììnfin

C A I B III.

creideamh.

  1. O a bhriatharan beannuichte agus sòlasacha !—O a Sgeil shubh-aich anaoibhneismhòirneo-chrioch-nach!—Ach cionnas a dh'fhèudas mise na geallan luachmhora so a dheanamh cinnteach ? cionnas a dh'fhèudas mi greim a dheanamh air an Fhear-saoraidh Uile-chumh-achdach so ?

  2. A CLriosduidh, is e Creideamh, an làmh leis an eigin duit greim daingean a ghabhail air na tiodh-lacaibh sin—-oir is tiodhlacan iad

25

CREIDEAMH.

seadh tiodhlacan saor, agus uile gu leir ileo-thoillteanach.

S. Amhairc air Focal do Thigh-earna — leugh, agus gheibh do chridhe sòlas : leugh, agus asluich air do Thighearna agus do Dhia.

  1. Ge b'e chreideas ormsa agus a bhaistear, saorar e; —b' iad so d'f ho-cail-sa, o Dhè na Firinn, an uair a thug thu buaidh air a' Bhàs agus air an uaighe—an uair a thug thu braid am braighdeanas agus a chaidh thu suas gu glòirmhoir gu laimh dheis an Athar.

  2. Ge b'e a chreideas ortsa saorar e! A ta mise ag creidsinn, O! Thighearna; cuidich thusa le m* mhi-chreidimh—thusa, o'm bheil

26 CREIDEAMH.

an creideamh so a mhàin ag teachd, o meudaich e ann mo chridhe-!— o neartaich m' earbsadh agus mo mhuinighinn ;armad-sa-.j^

6. Is e. creideamh a mhàin is ur-rainn^rìgh,,,^ thabhajrt^xd„Qj naj beannachdaibh gloirmhora a ta sinn an earbsadh fhaotainn uaitse, agus ata amhain 'ga 'n deanamh cinn­teach.

, 7.- Is e creideamh a mhàin a ta ag tabhairt dearbhaidh—is e creid­eamh a mhàin is urrainn fìanuis gun teagamh a thabhairt do m' anam air na nithibh nach 'eil mi fai­cinn, agus gidheadh a ta mi ag creidsinn.

, 8. A Thighearna, a ta mi ag creidsinn.-O nach robh mo chridhe

GSEiD'fiiM . 27

air a mhaothaGhadh,i© nàcii/robh fmi gur h-ìcftnlandàii'hmlcP thoirt'gu mo mhuinighinn uilejtaXìchur^ànn.-ad-sa! i'iin liii al a tBKaoa!ii9£

  1. A Thighearna, a ta mi ag creidsinn—a ta mi • ag creidsinn gur tu an Criosd, am Messiah a chaidh a ghealltainn agus ris /an robh dùil, Ti Ungta an Athar, làn gràis agus firinn.fauiiij/

  2. A ta mi ag creidsinn J'gur tu Mac Dhè, Diarco/,maith as ©uine, agus an t-aon Eadar-mheadhonair eadar Dia agus daoine V:a'tatimi .ag creidsinn do Dhiad'haehd. ,shiqr-ruith; a ta; mi ag aideachadh] idò fhior-dhaonnachdd i

11. Au tàitmiiiagjj creidsinn gu
bheil thu ag
Tioghachàdh^maillè.tfis

c2

28 CREIDEAMH.

CREIDEAMH.

an Athair agus an Spiorad Naomh ann an cumhachd agus ann an glòire gu saoghal nan saoghal:—tri pearsonna, a ta air na h-uile dhòigh coi-ionann, agus gidheadh na'n aon Dia!

  1. A ta mi ag creidsinn gur t\\ an t-Ard shagart tròcaireach a thoirt seachad tabhartais peacaidh agus a dheanamh Eadar-ghuidhe, an Iobairt a dhòrtadh fola agus a dheanamh rèite, agus an Altair a naomhachadh, agus a choisreagadh na Tiodhlaic.

  2. A ta mi ag creidsinn nach 'eil slàinte ann an ainm no ann an cumhachd air bith eile : a ta mi ag iarraidh a bhi air mo thear­nadh a mhàin trid do thoiEteanais uile-bhuadhach agus uile-fhogh-ainteach-san.

14. A ta mi ag creidsinn a
Thigearna,—meudaich mo chreid-
eamh, meudaich mo ghràdh—sìn
a mach do làmh h-ugam am feadh
a ta mi ag imeachd thar a' mhuir
ghaillionnaich so—
J

r!f-tà' mi "ag
creidsinn do bheatha, do bhàis,
agus d'aiseirigh—a ta mi ag creid-
sinn, gur eigin duinn bàsachadh
do 'n pheacadh, agus èirigh gu
fireanntachd, ma's àill leinn èirigh
gu beatha agus gloire.


15. A ta mi ag aideachadh, a ta mi
ag mothachadh, a ta fios agam gur
ann le gràs a-mhàin a ta sinn air
ar tearnadh, do shaor ghràs-sa, do


c frwJoidb

30 CREIDEAMH.

ghean-maith agus do chaoimhneas nach do thoill sinn idir.

16. A ta mi ag aideachadh gu
bheil mi fèin eatrom air a' mheidh j
a ta cinnt agam nach 'eil ni sam
bith ach cudthrom do thoillteana§-
sa is urrainn cudthrom glòire #
thabhairt dhomh.


17. A ta mi ag creidsinn, agus
bha mi air imp bhaisteadh. O
crath d'fhuil air
im) chridhe, cuir
ris i le buaidh dp Spioraid: glan
mi, agus bithidh mj glan: deonaich
dhomh gu 'm bi mi air ,m' ath-
nuadhachadh, agus air mo bhreith
a rìs, gu bhi air mo dheanamh 'n
am leanabh dhuitse—O depnaiqh
dhomh, Athair, a bhi air mo
bhreith dhiotsa!


CREIDEAMH. SI

IS. Le gjàs $>mhàin a ta mi ag iarraidh slainte,, agus Jfi gràs a mhàin a ta dòchas agam air slainte fhaotainn,

  1. Cha n-'eil ni air bith, a ta mi /aicinn annam fèin is urrainn anns a' chuid is lugha do ghràdlj-sa a thfljllfcinn.

  2. Ach t4 ta mi faicinn, na h-uile nithe a dh'fhjudas a bibi 'nan aobliar air d'f huath agus do chor­rach a thogail am aghaidh.

  3. Uime sin, O Thighearna, mar d'òglach aithreachanta lob, cha n-'eil mi 'g iarraidh mi fèin fhireanachadh ann ad shealladh-sa, ach a ta mi ag gabhail gràin dhiom fèin ann an duslach 's an luaithre.

32 CREIDEAMH.

22. Agus mar so air dhomh bhi air mo leagadh sios agus air m' irioslachadh a ta mi ag feitheamh ri do chaoimhneas ; mar so 'g am mhi-mheasadh fèin, a ta mi ag dlù-leantuinn riutsa, neach, am feadh a bha sinne fathast 'n ar peacaich, a dhòirt d'fhuil air ar son, agus mar so dh'fhosgail thu geata na beatha shiorruith.

.ni.- - àhìnhni gl--ilb>:li'i-JlU hi: an i fil

OIBRE. 33-

C A I B IV. oibre.

2. IseCreideamh,aChriosduidh, a' charraig air an eigin duit to­gail : leag air sin do dhòchas, agus èiridh e suas gu siorruitheachd.

2. Is e Creideamh an fhreumh o'n eigin do thoradh deadh oibre

fàs suas.

8. Creid gu ceart, aidich gu firinneach, an Tighearna do Shlan-uighear: agus ciod a shaoileas tu a leanas sin ?

4. Umhlachd iomlan agus ealamh do uile àitheantaibh-sa, miann dhù-

34, OIBRE.

rachdach a bhi 'g imeachd ann a chois-chèumaibh-sa, do shalachar a nigheadh air falbh ann am fuil an Phir-shaoraidh, agus a bhi fàs fior-ghlan mar an t-Uan fiorghlan agus gun smal a shaor thu.

  1. Ge d' a dh' fhèudas tu, agus ge d' is eigin duit a bhi air d'-' fireanachadh gun oibre air bith, gidheadh cha n-fhèud d' firean­achadh a bhi gu bràth buannach­ail, mur bi e air a leantuinn le naomhachadh, agus mur bean-nuich e thu le dearbh-chinnteachd „ air d' uchdmhacachd.

  2. Am feud a' ghaoth sèideadh, agus nach bi barra nan crann àrda air an luasgadh ?

i-'ci.-i <."-*.-ndi.cìiu}9

OIBRE. 35

7. Am fèud a' ghrian dealradh
soilleir a glòire a chur a mach,
agus nach bi teas ag teachd uaith ?


8. Am fèud do chridhe teas-
gràdh a mhothachadh, gun fhios a
bhi aige air togradh ?


9. Ni mo a dh'fhèudas creideamh
a bhi beo as eugmhais oibre, no
duine a bhi air f hireanachadh nach
'eil air a dheanamh naomha.


10. Co cinnteach is a ta na crao-
bhan air an luasgadh an uair a
shèideas a' ghaoth ; co cinnteach
is a ta teas agus blàth as ag teachd
o'n ghrèin an uair a dhealraicheas
i; co cinnteach is a ta an cridhe a
ta air a lionadh le gràdh ag plos-
cartaich fòs le ro dheidh ;


11. Co cinnteach, a Dhuine, fàs-

36

OIBRE.

aidh dìchioll dùrachdach a bhi cosmhuil re Criosd anns na h-uile nithibh, agus fìor-thlachd *n a àitheantaibh-sanj O fhior-chreid-eamh,—agus mhuinghinn dhain-gean 'n a ainm-san.

  1. Bithidh gàirdeachas ort d' Athair a ghairmeadh dhe, bithidh aoibhneas ort thu fèin fheuchainn *n ad mhac umhal : do ghnàth mi-thoilichte le d' oibribh is fearr j do ghnàth ag dol gu dian air d'-aghaidh, agus cùramach a ghnàth tuilleadh seirbhis a dheamh dha agus a ghràdhachadh ni's mò.

  2. Gach la bithidh do dhian tho-gradh an deidh air tobaraibh uisge na beatha: gach uair togairidh tu bhi air do chruth-atharrachadh

OIBRE. 87

chum iomhaigh iomlan do Dhè. Dean gàirdeachas agus bi ait—cha bhi do thogradh air a mhealladh, bithidh tu mar so-air d'atharrach-adh—bi macanta agus èisd, bi glic agus dean feitheamh. •;r!t imtahjarto v. mi '>'bo'i1")-;.. na vm «)^s in k -liiuidftl *• tlltiyi -ga tUVuthl r, .Ho !£^B9i fibttfj an : t Hià"> a H-'.uii JBJ289 dhoicf mi -t ^idd' •rifcpd tmido At'mdd-us 'L
»\rm, imid tri'uil total iiL ,q-

, : ;tb Ltti!;:'jj?.i tiniji nil "iL )/:
0*ttdjiuMi rihinbuL'ofa, 71: 'm \i »
—moL -HUH* if.; • if/:; dl~Miti
. j^g Bff«iLdaR3itct iai tt « r.ubOiìo
mtmtuinm^,!: o-ùio nr^'A lìaiìd
E* , ■ : ais -.i-.m

,'òAG oh niifffioi d'iMwimoi inuffo

sido—Yu id afiriauobirog nteoCI C A I B V.

-ilDf>*-'iCiiJi/ii» 'ì'ni'O'd. "ijsrfì- ijj dbni

CEUD SHOIiLSE-ACBADH G-RAJS DICE.

.àvaiiùAìioì ueob aagc oira

  1. Ciod e sin a chuala mi thu ag ràdh ? labhair a rìs agus cuir an cèill e : na biodh eagal ort, a leinibh bhig ; na biodh eagal ort, thusa a ta air d' ùr-bhreith chum beatha nuaidh agus is fearr.

  2. Air leam gu'm bheil mi *g ad chluinntinn ag-ràdh,—A cheana a ta mi ag mothachadh aoibhneis nuaidh anns an ainm Josa—a cheana a ta mi faireachduinn gu bheil beagan còire agam anns an ainm sin:




  1. A cheana ta ni eigin nach à* fhairich mi roimhe ag feuchainn domh traaigheachd ni'inbhe phea­cadh agus chainte, {agus am tur-*-fheum a ta--again nair la leithid de •Phear-fiaoraidh:

  2. A-cheana a ta mi faineach, nach dean ni sam bith feum dhomh as èugmhais-san-^pch! c'-airson a ta an cridhe so co (cruaidh, c'airson a ta mi co aiallrJgu creids­inn ? c'airsoa nach 'eil m' anam

i

gu h-iomlan -tasptmhor ? c' wm§ nach 'eil mi ag plosgartaich i c'air­son nach 'eil mi le tuilleadh dùr­achd ag gabhail fadail air do shon, sa, mo Thighe&rna agus mo Dhia!

5. Thig, a Thighearna Josa,

lic ri D 2 - # •* :

thig agus saor mi—thig, a Mhic bheannuichte an Athar—thig, agus bi thusa m' èiric agus mo ghlòir: c' uin a dh'ath—ùraicheas do thro- * cairean m'anam ? Och, c'uin a' bhitheas mo pheacan air an ion-laid ann ad fhuil ? — c'uin a' bheanas mi ri h-iomall do thrus-cain, agus gu 'm mothaich mi tobair m' f hola a' tiormachadh ?

  1. Nach b' iad sud, a pheacaich dhuisgte, nach b' iad sud, te­oraidhean dùrachdacha d' anama ?

  2. Agus am b' àill leat fios a bhi > agad ciod e bhi air do bhreith a rìs, ciod e bhi ath-nuadhaichte agus soillsichte le Spiorad an Ti is

ro Airde ?

8. O na smuainich air briathar-
aibh faoine! gabh comhairle aon uair eile ri d' chridhe fèin, rach a steach do 'n chearn is diomhaire dheth—labhair gu math ris ; bi trèibhdhireach, agus gheibh thu fios gur iad do bhreithneacha nuadha mu nithibh spioradail,
ceud fhoillsicheadh gràis Dhè.

9. A cheana a ta an Comh-fhur^ tair ag tòiseachadh chum e fèin a dheanamh aithnichte dhuit: ta e toiseachadh air do dheanamh mothachail air peacadh : ta e tòiseachadh ris an dorchadas anns an robh thu roimhe a chur air falbh, agus 'g ad thabhairt chum eòlais an t-soluis iongantaich sin is e beatha gach dùil.

D3

10. Rach air d' aghaidh, agus
sir fathast a chòmhnadh ; iarr,
iarr gu dùrachdach, a chumhachd
naomhachaidh, chum, air bhi dhuit
mar so soillsichte, gu 'm feud thu
dol air d' aghaidh o iomlanachd gu
h-iomlanachd, agus o neart gu neart,
gus am bi gràdh Dhè air a dhòrt-
adh ann ad chridhe, agus gus am
faigh thu an t-sìth sin a ta dol thar
gach uile thuigse.


11. Seas gu daingean, uime
sin, ann ad ghairm ; dean greim
daingean air Fear do Ghraidh,
agus na leig leis falbh: na cuir d'
earbsadh anns an ceud shoillseach-
adh gràis; ach gabh air d' aghaidh,
criochnaich a' bhuaidh, ceannsuich
le neact agus gràs a an Uile-
chumhachdaich an saoghal, an fheoil, agus an diabhbl: mar sin ni thu obair thaitneach dha; mar sin brisidh do dheadh rùin a mach gach la ann an gniomh.


12. Ach na earb asad fèin : na cuir do thaice ri cuilc bhriste do neirt fèin: cuir do mhuinghinn ann an Dia, agus sir e gu dichioll-ach, c'àit air bith am bi e ri f haot-ain;—mar sin bithidh na meadhoin buadhach ; air an dòigh so bithidh togradh gràdhach d' anama gu luath air a choimhlionadh, agm gu h-iomlan air a thoileachadh, usfaira ribfiigol uf; c;foii;Usii!riIj" i HNpEMlmjio/r :•'•>«*» iu'-itsffK mk biì i ' 1 f: tis:lì Jiùrir' òb -n*

ne t
  1   2   3   4   5


Verilənlər bazası müəlliflik hüququ ilə müdafiə olunur ©azrefs.org 2016
rəhbərliyinə müraciət

    Ana səhifə